Mi le m’uilinn air mo ghlùin
‘S muladach mi dèanamh dàin
Shil mo shùil nuair chaidh siùil
Ri croinn-ùra chaol àrd,
Righ, ‘s mo rùn-sa ‘nam bàrr.
Dearcam fhathast air mo ghaol
Coiseachd air slat-chaol fo sheöl
Shil mo shùil nuair chaidh siùil
Ri croinn-ùra chaol àrd,
Righ, ‘s mo rùn-sa ‘nam bàrr.
Séid séimh, socair, o ghaoth Tuath,
Gus an cuir i Cluaidh às fair.
Shil mo shùil nuair chaidh siùil
Ri croinn-ùra chaol àrd,
Righ, ‘s mo rùn-sa ‘nam bàrr.
Gheall e, « Phillidh mis’, a ghràidh,
Buidhe nuair ni fal an t-eorn »
Shil mo shùil nuair chaidh siùil
Ri croinn-ùra chaol àrd,
Righ, ‘s mo rùn-sa ‘nam bàrr.
Aiseig fallain, O Ghaoth Tuath,
Dhachaidh dhomh mo mo luaidh slàn.
Shil mo shùil nuair chaidh siùil
Ri croinn-ùra chaol àrd,
Righ, ‘s mo rùn-sa ‘nam bàrr.
Paroles2Chansons dispose d’un accord de licence de paroles de chansons avec la Société des Editeurs et Auteurs de Musique (SEAM)